Skip to main content

08 May, 2018

Trusadh ainmean nam maorach

Tha co-chomhairle phoblach air liosta de dh’ainmean Gàidhlig air maoraich a ghabhas lorg timcheall costa na h-Alba air tòiseachadh an-diugh (8 Cèitean) le Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH).

’S iad seilcheagan-mara agus dà-mhogalaich as motha a th’ air an liosta de 85 ainmean mhoileasgan, cuide ri briathrachas Gàidhlig air buill-bhodhaig nam beathaichean agus cumaidhean eadar-dhealaichte nan sligean mara. Tha ciall mòran de na h-ainmean gam mìneachadh sa Bheurla cuideachd.

Chuir sgioba bho SNH agus Bòrd na Gàidhlig na molaidhean ri chèile, fo stiùir an eòlaiche-nàdair Ruairidh MacIlleathain.

Bidh luchd-labhairt na Gàidhlig gu math eòlach air cuid de na h-ainmean. ’S e adhbhar a’ phròiseict a dhèanamh cinnteach gu bheil ainm ga mholadh do gach gnè chumanta, a ghabhas cleachdadh ann an co-theacsa nàiseanta agus nuair nach eil cothrom aig luchd-labhairt na Gàidhlig comhairle a shireadh bho neach-labhairt eile aig a bheil eòlas air ainmean nam maorach. Chan eil am pròiseact airson cleachdaidhean dualchainnteach atharrachadh. Far nach b’ urrainn dhan sgioba ainm Gàidhlig a lorg do ghnè, chuir iad romhpa ainm a mholadh.

Thuirt Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig SNH: “Tha dlùth-dhàimh eadar ar dualchas nàdair agus a’ Ghàidhlig. Tha rùn againn luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh gus ceangal a dhèanamh ri nàdar tron chànan, agus tha sinn an dòchas gun cuidich am pròiseact seo. Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan bho dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa chùis agus tha sinn airson am brosnachadh gus an cuid bheachdan a chur a-staigh dhan cho-chomhairle.”

Mar phàirt den phròiseact, bhruidhinn Ruairidh MacIlleathain ri ceithir deug seann daoine aig a bheil a’ Ghàidhlig, a’ mhor-chuid dhiubh às na h-Eileanan Siar, a dh’fhaighinn stiùireadh air na h-ainmean a th’ aca air gnèithean nam maorach. “Bha aonta farsaing ann air ainmean nan gnèithean as cumanta,” thuirt Ruairidh, “ach do chuid a ghnèithean bha ainmean eadar-dhealaichte aig daoine, no cha robh ainm idir aca. Thug seo dùbhlan dhuinn roghainn a dhèanamh agus ainmean a mholadh do ghnèithean dhan nach robh cruth Gàidhlig ri lorg.”

Thathar an dùil gum bi am briathrachas feumail do thidsearan, bith-eòlaichean, luchd-rannsachaidh, maoir-dhùthcha agus pàrantan, cho math ri daoine eile anns a’ choimhearsnachd a tha ag iarraidh an cuid Gàidhlig a chur gu feum ann an co-cheangal ris a’ chladach.

Bidh a’ cho-chomhairle a’ ruith bho 8 Cèitean gu 19 Ògmhios 2018. Lorgar liosta nan ainmean a thathar air moladh aig www.nature.scot/gaelic-names-marine-molluscs.

Contact information

Name
Carrie Wieteska
Email
Carrie.Wieteska@nature.scot
Scottish Natural Heritage is the government's adviser on all aspects of nature and landscape across Scotland. Our role is to help people understand, value and enjoy Scotland's nature now and in the future. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on Twitter at https://twitter.com/nature_scot

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba na buidheann comhairleachaidh dhan riaghaltas a thaobh nàdair agus seallaidhean-tìre air feadh Alba. 'S e an dleastanas a th' againn cuideachadh a thoirt do dhaoine gus tuigse, luach agus tlachd fhaighinn bho nàdar na h-Alba, an-dràsta agus san àm ri teachd. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air www.nature.scot/gaelic  no lean sinn air Twitter aig https://twitter.com/nature_scot

Downloads

Hermit crab, (C) SNH/ Graham Saunders: Hermit crab, (C) SNH/ Graham Saunders. One-off use.

Hermit crab, (C) SNH/ Graham Saunders

View | Download

Horse mussels with tube worms and a green sea urchin, Graham Saunders © Marine Scotland.: Horse mussels with tube worms and a green sea urchin, Graham Saunders © Marine Scotland. One-off use.

Horse mussels with tube worms and a green sea urchin, Graham Saunders © Marine Scotland.

View | Download

A flame shell on a shallow water maerl bed in outer Loch Carron-2

A flame shell on a shallow water maerl bed in outer Loch Carron-2

View | Download