Skip to main content

03 July, 2020

Moladh ceòlmhor air Bliadhna nan Costaichean is Uisgeachan ri fhaicinn air-loidhne

Moladh ceòlmhor air Bliadhna nan Costaichean is Uisgeachan ri fhaicinn air-loidhne: (c) Ingrid Henderson

Thèid àrainneachdan mara sònraichte na h-Alba a mholadh ann an tachartas air leth air-loidhne airson Bliadhna nan Costaichean is nan Uisgeachan a chomharrachadh.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba / Scottish Natural Heritage (SNH) air iarraidh air an t-sàr neach-ciùil, Ingrid NicEanruig, am pìos ciùil ùr, Message in a Bottle, a chruthachadh a tha stèidhichte air gluasadan sruthan na mara.

Bhathar an dùil gun rachadh an taisbeanadh, anns a bheil ceòl, òrain, a’ Ghàidhlig, film agus beò-dhealbh a shealltainn aig fèisean air feadh na h-Alba as t-samhradh ach tha sgaoileadh a’ bhìorais Covid-19 air stad a chur air taisbeanaidhean beò an-dràsta.

Mar sin dheth, tha SNH agus Ingrid air co-obrachadh le chèile air taisbeanadh an-asgaidh air-loidhne a leigeas le daoine blasad fhaighinn aig an taigh.

Bidh an ceòl, an còmhradh, am film is am beò-dhealbh a’ tòiseachadh aig 8.30f, Diciadain 8 An t-Iuchar air Facebook Live. Bidh Ingrid a’ taisbeanadh taghadh de na pìosan bho Message in a Bottle is bidh i a’ bruidhinn ri Ceannard Eag-shiostaman Mara aig SNH, Katie Gilham, mu na phiobraich a cuid obrach air a’ phìos.

Thuirt Ingrid: “Chòrd Message in a Bottle gu mòr leis na bha an làthair aig Celtic Connections na bu tràithe den bhliadhna agus bha e na bhriseadh dùil nach b’ urrainn dhomh a shealltainn do dhaoine air feadh na dùthcha tron t-samhradh.

“Ach an dèidh beagan de mhac-meanmna is de theicneolas a chur gu feum, tha sinn air tachartas a dhealbhadh is a chlàradh a chumas an luchd-ciùil, an luchd-ealain is an luchd-èisteachd sàbhailte.

’S e dùbhlan a bh’ ann a bhith a’ clàradh is ag atharrachadh a h-uile nì airson a thaisbeanadh air-loidhne ach tha e na thoileachadh dhomh gun urrainn dhuinn cuid de na pìosan a thaisbeanadh a tha a’ moladh chostaichean is uisgeachan na h-Alba agus tha sinn an dòchas gun tig sibh nar cuideachd airson oidhche mhath dha-rìribh.”

Thuirt Ceannard Eag-shiostaman Mara aig SNH, Katie Gilham: “Tha an com-pàirteachas le Ingrid air na ceanglaichean làidir eadar ceòl traidiseanta, a’ Ghàidhlig agus àrainneachd mhara na h-Alba a dhaingneachadh agus chunnaic sinn mar a tha i air a’ mhuir is am fiadh-bheatha againn a bheothachadh gu sgileil tro a cuid ciùil.

“Bha sinn a’ dèanamh fiughair ris a’ chuirm air leth seo fhaicinn aig fèisean air feadh na h-Alba ach tha sinn an dòchas gum faigh daoine tlachd às a’ bhlasad seo an-dràsta agus gum faic sinn prògram slàn de chuirmean an ath-bhliadhna.”

Tha luchd-ciùil eile an sàs ann a leithid Anna Massie, Megan NicEanruig is Conal McDonagh, tha dealbhan ann le Somhairle MacDhòmhnaill is beò-dhealbh le Cat Bruce.

Tha e a’ taisbeanadh imrich iongantach fiadh-bheatha is eòin na mara, mar a tha sinn an eisimeil na mara agus nam malairtean cànanach is cultarail mun chosta, fhad ’s a chì sinn buaidh atharrachadh na gnàth-shìde air cuantan na cruinne.

Tha an obair-taisbeanaidh seo air aon de ghrunnan phròiseactan sònraichte le SNH a tha a’ moladh nan costaichean is nan uisgeachan is an cuid fiadh-bheatha anns a’ bhliadhna shònraichte seo agus a tha a’ togail aire mu shlàinte nan cuantan.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh aig: https://www.facebook.com/events/3213897355363701/

Contact information

Name
SNH Media
Email
SNHMEDIA@nature.scot

Scottish Natural Heritage is Scotland's nature agency. We work to improve our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. We work to ensure that all nature in Scotland - our key habitats and landscapes, all our green space and our native species - is maintained, enhanced and brings us benefits. It is the job of all of us to achieve a balance in the sensitive management of our natural world in order to maintain and enhance biodiversity. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on Twitter at https://twitter.com/nature_scot

'S e Dualchas Nàdair na h-Alba buidheann nàdair na h-Alba. Tha sinn ag obair airson ar n-àrainneachd nàdarra ann an Alba a thoirt am feabhas agus a h-uile duine a bhrosnachadh gus barrachd cùraim a ghabhail dhi. Gus am bi an nàdar air fad ann an Alba – ar prìomh àrainnean is chruthan-tìre, ar n-àiteachan uaine gu lèir is ar gnèithean dùthchasach - air an gleidheadh, air an leasachadh 's a' toirt bhuannachdan dhuinn. 'S e an dleastanas a th' oirnn uile co-chothrom ann an stiùireadh faiceallach ar saoghail nàdarra a ruighinn airson bith-iomadachd a ghleidheadh 's a leasachadh. Airson an tuilleadh fios, tadhail air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot/gaelic no lean air Twitter sinn aig https://twitter.com/nature_scot

Downloads

(c) Ingrid Henderson

(c) Ingrid Henderson

View | Download