Skip to main content

16 October, 2018

Goireas nàdair ùr sa Ghàidhlig do sgoiltean

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a' brosnachadh nan ceanglaichean cultarail le nàdar tron Ghàidhlig an lùib stuthan teagaisg ùra.

Bidh an goireas ionnsachaidh ùr, a th' air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig ann an com-pàirteachas leis an iomairt shòise

eas nàdair ùr sa Ghàidhlig do sgoilteanalta, Earth for Life, na thaic airson daoine òga a cho-cheangal le nàdar tro rùrachd sheasmhach. Tha sgilean, eòlas is briathrachas an lùib a' ghoireis do thidsearan Gàidhlig, a leigeas leotha lusan fiadhain aithneachadh is a chleachdadh.

Thèid am pròiseact fhoillseachadh an-diugh (16 Dàmhair) aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain.

Thòisich Alasdair Mac an Tàilleir, Earth for Life, a’ cleachdadh nan goireasan foghlaim bho chionn goirid aig sreath bhùithtean-obrach ann am bun-sgoiltean Gàidhlig ann an Ullapul, Peairt ’s Dùn Èideann. Tha an goireas a' leantainn soirbheas an leabhrain, Rùrachd Lusan Fiadhain, a chaidh a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, agus a tha na ghoireas riatanach air rùrachd chiallach. Bidh cothroman an cois a' ghoireis ionnsachaidh ùir seo do dhaoine òga le Gàidhlig airson an cànan ionnsachadh is a chleachdadh mar cheangal le nàdar.

Thuirt Oifigear Gàidhlig SNH, Robyn Ireland, “Tha e na thoileachas mòr dhuinn an goireas ionnsachaidh ùr seo fhoillseachadh agus a bhith a' brosnachadh thidsearan gus na ceanglaichean dlùth a th' againn le nàdar a rannsachadh. Tha an goireas seo a' cur ris na goireasan eile sa Ghàidhlig a leasaich sinn air rùrachd, a leithid cùrsa trèanaidh, chuairtean coiseachd agus chairtean reasabaidh.”

'S e sgioba aig Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba a tha a' co-òrdanachadh a' phròiseict – 's e Stòras-bìdh na h-Alba com-pàirteachas a th' air a stiùireadh le SNH a tha ag amas air ceanglaichean a dhèanamh eadar daoine agus biadh ionadail, ràitheil is fiadhain, agus cleachdadh seasmhach stòras-bìdh nàdarra na dùthcha a bhrosnachadh.

Chaidh am pròiseact a cho-mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig tron sgeama GLAIF (Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig) 2018-19.

Às dèidh an fhoillseachaidh, bidh cuirm-chiùil shònraichte ann mar phàirt de dh’Iomall a’ Mhòid.  Chaidh an coimisean, ‘Cluaidh - Ùrachadh na h-Aibhne’, a chur an sàs le SNH airson luaidh a dhèanamh air beairteas nàdarra is cultarail Linne Chluaidh. ’S i an seinneadair, neach-ciùil, is craoladair cliùiteach, Màiri Anna NicUalraig, a bhios aig an stiùir airson oidhche de cheòl ’s òrain Ghàidhlig.

Contact information

Name
SNH Media
Email
SNHMEDIA@nature.scot

Scottish Natural Heritage is Scotland's nature agency. We work to improve our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. So that all nature in Scotland - our key habitats and landscapes, all our green space and our native species - is maintained, enhanced and brings us benefits. It is the job of all of us to achieve a balance in the sensitive management of our natural world in order to maintain and enhance biodiversity. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on Twitter at https://twitter.com/nature_scot

'S e Dualchas Nàdair na h-Alba buidheann nàdair na h-Alba. Tha sinn ag obair airson ar n-àrainneachd nàdarra ann an Alba a thoirt am feabhas agus a h-uile duine a bhrosnachadh gus barrachd cùraim a ghabhail dhi. Gus am bi an nàdar air fad ann an Alba – ar prìomh àrainnean is chruthan-tìre, ar n-àiteachan uaine gu lèir is ar gnèithean dùthchasach - air an gleidheadh, air an leasachadh 's a' toirt bhuannachdan dhuinn. 'S e an dleastanas a th' oirnn uile co-chothrom ann an stiùireadh faiceallach ar saoghail nàdarra a ruighinn airson bith-iomadachd a ghleidheadh 's a leasachadh. Airson an tuilleadh fios, tadhail air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot/gaelic no lean air Twitter sinn aig https://twitter.com/nature_scot