Skip to main content

10 July, 2019

Ainmean-àite Èirisgeigh gan comharrachadh

Ainmean-àite Èirisgeigh gan comharrachadh: Rubha Chlaidh Eriskay-D0671 jpg m178303

Tha 300 ainm-àite Èirisgeach a’ nochdadh ann an leabhran dà-chànanach ùr bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH).

Chaidh an leabhar-iùil ùr a chruthachadh ann an co-bhonn ri Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba, agus Ceòlas, tè de na prìomh bhuidhnean airson cultar, dualchas is ealain na Gàidhlig, stèidhichte ann an Uibhist.

Tha a’ mhòrchuid de na h-ainmean-àite a chaidh a thrusadh a’ buntainn ris a’ chòrsa is na h-uisgeachan timcheall air an eilean, agus iad a’ sònrachadh sgeulachdan, cur-seachadan is beatha làitheil. Chan fhacas mòran de na h-ainmean ann an clò a-riamh roimhe.

Thuirt Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig aig SNH: “Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ foillseachadh an t-seachdamh tiotal nar sreath A’ Ghàidhlig Air Aghaidh na Tìre. Tha an leabhran seo a’ comharrachadh an dlùth-cheangail eadar daoine is ar dualchas nàdarra tro chànan.”

Tha am pròiseact fada an comain a h-uile duine a thug seachad an cuid eòlais air Èirisgeigh gu saor-thoileach, agus thathar an dòchas gum piobraich an leabhran an tuilleadh chuimhneachan is sgeulachdan mu na h-àiteachan.

Thuirt Eilidh Sgaimeal bho AÀA: “Tha sinn fìor thoilichte gun robh sinn an sàs anns a' phròiseact seo, is sinn a’ cur ri gleidheadh nan ainmean seo do ghinealaichean ri teachd ann an Èirisgeigh. Tha gleidheadh ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba agus an ceangal eadar an cànan is an tìr riatanach an lùib obair AÀA.”

Thèid an leabhran a chur air bhog feasgar an-diugh (10 Iuchar 2019) mar phàirt de prògram thachartasan coimhearsnachd aig sgoil shamhraidh Cheòlas. Tòisichidh cuairt-iùil anns a’ Bhaile aig 3.30f agus coisichidh a’ bhuidheann gu Sgor na Bèiste, Cnoc na Mònadh is Rubha Chaoil. Tha fàilte chridheil ro dhuine sam bith tighinn air a’ chuairt, no coinneachadh ris a’ bhuidhinn bho 5f anns a’ Pholitician a dh’èisteachd ri òraid bheag no dhà mun leabhran.

Thuirt Liam Crouse, Oifigear Mheadhanan is Conaltraidh Gàidhlig aig Ceòlas: “’S e eilean Gàidhealach a th’ ann an Èirisgeigh, agus tha seo air na h-ainmean-àite a ghleidheadh gu h-ìre. Mura h-eil feum air ainm, agus e gun a chleachdadh, thèid e anns an dìochuimhne. Tha e follaiseach gu bheil buntanas aig na h-ainmean-àite ri muinntir an eilein fhathast.”

Faodar an leabhran a lùghdachadh a-nuas bho làrach-lìn SNH. Tha deannan lethbhreacan pàipeir rim faighinn an-asgaidh bho pubs@nature.scot no 01738 444177.

Contact information

Name
SNH Media
Email
SNHMEDIA@nature.scot

Notes to editors

Fios don luchd-deasachaidh

’S e Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson Ainmean-Àite Gàidhlig ann an Alba. Mar phàirt den obair againn, bidh sinn a’ cleachdadh eòlas ionadail, ealantas eachdraidheil agus prionnsabalan stèidhichte gus riochdan freagarrach de dh’ainmean-àite Gàidhlig a mholadh airson soidhnichean, mapaichean agus stuthan foillsichte eile. Tadhail air www.ainmean-aite.scot no cuir fios gu Eilidh Sgaimeal (Manaidsear Pròiseict AÀA) air 01471 888120, eilidh@ainmean-aite.scot.  

Bidh Ceòlas a’ brosnachadh agus a’ fàs ceòl tradaiseanta, cànan, cultar agus dualchas, le bhith a’ co-obrachadh ri coimhearsnachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta aig a bheil na h-aon h-amasan. Tadhail air www.ceolas.co.uk no cuir fios chun na buidhne air 01878 800154, info@ceolas.co.uk.

Scottish Natural Heritage is Scotland's nature agency. We work to improve our natural environment in Scotland and inspire everyone to care more about it. So that all nature in Scotland - our key habitats and landscapes, all our green space and our native species - is maintained, enhanced and brings us benefits. It is the job of all of us to achieve a balance in the sensitive management of our natural world in order to maintain and enhance biodiversity. For more information, visit our website at www.nature.scot or follow us on Twitter at https://twitter.com/nature_scot

'S e Dualchas Nàdair na h-Alba buidheann nàdair na h-Alba. Tha sinn ag obair airson ar n-àrainneachd nàdarra ann an Alba a thoirt am feabhas agus a h-uile duine a bhrosnachadh gus barrachd cùraim a ghabhail dhi. Gus am bi an nàdar air fad ann an Alba – ar prìomh àrainnean is chruthan-tìre, ar n-àiteachan uaine gu lèir is ar gnèithean dùthchasach - air an gleidheadh, air an leasachadh 's a' toirt bhuannachdan dhuinn. 'S e an dleastanas a th' oirnn uile co-chothrom ann an stiùireadh faiceallach ar saoghail nàdarra a ruighinn airson bith-iomadachd a ghleidheadh 's a leasachadh. Airson an tuilleadh fios, tadhail air an làraich-lìn againn aig www.nature.scot/gaelic no lean air Twitter sinn aig https://twitter.com/nature_scot

Downloads

Rubha Chlaidh Eriskay-D0671 jpg m178303

Rubha Chlaidh Eriskay-D0671 jpg m178303

View | Download

Eriskay-D0388 jpg m178339

Eriskay-D0388 jpg m178339

View | Download

Eriskay-D0383 jpg m178347

Eriskay-D0383 jpg m178347

View | Download